Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 289,720 playable programmes from the BBC

Am Piano/The Piano

Duration: 15 minutes

First broadcast: on BBC ALBALatest broadcast: on BBC ALBA

Tha cùisean doirbh fhèin dha Anna a tha 10 bliadhna a dh’aois agus dha teaghlach. B’ èiginn dha màthair a tha na sàr chluicheadair phiàno a dhol air chuairt thall thairis airson airgead a chosnadh, agus athair bochd Anna a’ cur a’ choire air fhèin airson mì-fhortan an teaghlaich.

B’ fheudar dhaibh beatha chofhurtail sa bhaile mhòr a leigeil seachad, agus tilleadh gu seann taigh croite fuar air an eilean far an deach athair Anna a thogail. Tha cùisean gu math fad air falbh bhon dachaigh cheòlmhor san robh iad còmhla aig aon àm, agus tha Anna gu math diombach le a h-athair mun tionndadh a thàinig air cùisean.

Ach tha seann ablach de phiàno a tha a’ nochdadh gun fhios a’ cur car às ùr na beatha. Tha a athair ga thoirt dhachaigh agus e an dòchas an gaol a bh’ aig Anna air ceòl a dhùsgadh às ùr. ’S beag fios a th’ aige ge-tà gu bheil am piàno le a rùn fhèin, agus a mhiann àraid fhèin!

Ged nach eil Anna ag iarraidh gnothach a ghabhail ris a’ phiàno an toiseach, chan fhada gus a bheil iad nan dlùth charaidean agus a’ falbh air turas sònraichte airson an teaghlaich bhriste aig Anna a thoirt air ais còmhla.

Ten-year-old Anna’s family have hit on hard times. While her mum, a gifted pianist, is forced to head on an international tour to make ends meet, Anna’s slightly hapless dad blames himself for the downturn in the family’s fortunes.

Having had to give up their comfortable city lives, the family have moved back to a draughty, old island croft house where Anna’s dad was brought up. It’s a world away from the beautiful, music-filled home the family once shared, and Anna tends to take out her frustrations on her father.

But the mysterious arrival of a battered, old piano turns her world upside down. Her dad rescues it, hoping it might help reignite Anna’s passion for music. Little does he realise that the piano has a mind, and a mission, of its own!

While Anna initially wants nothing to do with the scuffed up piano, it’s not long before they become great friends and embark on a magical journey to help mend Anna’s broken family! Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More