Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 287,821 playable programmes from the BBC

Sgaoileadh an Eòlais

Sgìre Earra Ghàidheal

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

Anns a' phrògram mu dheireadh san t-sreath tha Joy Dunlop dhar toirt cuairt tro na th' ann a tasglann Sgil Eòlais na h-Alba às a sgìre aice fhein, sin Earra Ghàidheal.

'S ann am Muile a tha i a' tòiseachadh leis a’ Chaiptean Dùghall MacCarmaig, Dùghall Iain Nèill Dhùghaill leis an òran luaidh ’S Daor a Cheannaich Mi Phòg; òran Lachann Mac an Lèigh, Lachann Dubh a’ Chrògain, Ma phòsas mi idir cha ghabh mi tè mhòr; Dòmhnall A MacNèill à Colbhasaigh a' seinn òran a rinn e dha bhean, A-null do Cholbhasaigh agus òran eil e a rinn Eàirdsidh MacNèill cuideachd à Colbhasaigh, O cha bhi Nollaig ann.

Gheibh sinn cuideachd cumha a rinn Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, Cumha Chailein Ghlinn Iubhair; 'Hi il o 's na hug i horo' a rinn Donnchadh MacCuinn, à Baile a' Bhiocair, Eilean Shaoil; Eilean Ìdhe air a ghabhail le Iain Caimbeul agus 'A chaile dhubh a sgùlair' a rinn am bàrd Ìleach Iain MacEacharna air a sheinn le Iain Ceanadach.

Tha i a' crìochnachadh le òran a tha gu math freagarrach airson na sreath gu lèir - O Cumaibh Suas a’ Ghàidhlig, a chaidh a sgrìobhadh le fear a bha na Pròbhast san Òban is e air a sheinn le Ailean Gray. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More