Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,431 playable programmes from the BBC

Sgaoileadh an Eòlais

An t-Ìochdar

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

Bha Catrìona Nic-a-phì ag obair mar rannsaiche air a' chiad sreath, Sruth an Eòlais, a bha a' comharrachadh 50 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha i an-diugh a' teagasg an Glaschu ach buinidh i do sgìre an Ìochdair agus a seo tha i a' toirt 'iomradh air feadhainn de na daoine còire nach maireann a thug buaidh fad às agus faisg air mo bheatha fhèin ann an aon dòigh neo dòigh eile' às a sgìre sin.

Cluinnidh sinn aice an sgeulaiche Dòmhnall Alasdair MacIain às an Àird Mhòr, na seinneadairean Ceit NicNeacail neo Ceit Phàdraig mar a b' èolaich daoin' oirre agus Peanaidh Bheag Mhoireasdan, 's am pìobaire Alasdair Boidhd bhon Chlachan Mhòr. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More