Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,431 playable programmes from the BBC

Sgaoileadh an Eòlais

An t-Urr Tormod Dòmhnallach, Bhaltos 1/2

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S e duine a dh'fhàg dìleab phrìseil dha-rìreabh againn a th' aig Jo NicDhòmhnaill dhuinn a seo. B' ann à Bhaltos san Eilean Sgitheanach a bha an t-Urr Tormod Dòmhnallach 's bha e na mhinisteir san Eaglais Chlèireach ann an Canada agus ann an Eaglais na h-Alba ann an grunn àiteachan an Alba, nam measg Càirinis an Uibhist a Tuath agus Gleann Eilg. Taisgte ann a Sgoil Eòlais na h-Alba tha uairean a thìde de chlàraidhean a rinn e air iomadh cuspair - creideasan is leigheasan, gèamaichean is gearradh-cainnt, nithean os-nàdarra, bàird ionadail, seanfhacail is abairtean, rannan is òrain, agus a rosg agus a bhàrdachd fhèin. Cluinnidh sinn a seo eisimpleirean dhen obair aige agus mun bhuaidh a thug an ùine a chur e seachad an Canada air.

Tha an dàrna prògram air an Urr Tomod Dòmhnallach ri chluinntinn an-ath-sheachdain. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More