Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 287,930 playable programmes from the BBC

Sgaoileadh an Eòlais

Dibhearsan 's Cur-seachad Òigridh

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S e sgrìobhaiche, eadar-theanagadair agus màthair triùir chloinne bige a th' ann a Raghnaid Sandilands. Tha i a' fuireach ann a Srath Narainn air taobh deas Loch Nis ach 's ann air taobh siar na Gàidhealtachd a thogadh i. ‘S ann à clàraidhean a tha a’ toirt sealladh air 'dibhearsain is cridhealas is cur seachad na tìde ann an òige nam fiosaichean, air a’ chiad saoghal sin cho tric a tha a’ biathadh cuimhne is sunnd' , mar a tha i ag innse aig toiseach a' phrògraim, a tha i air a taghadh a thoirt. Cluinnidh sinn òrain beaga, rannan, duain, geasagan, cur-seachadan agus sgeulachdan aice bho thall 's a bhos. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More