Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 287,930 playable programmes from the BBC

Sgaoileadh an Eòlais

Donnchadh Dòmhnallach, Peighinn nan Aoireann

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S ann air fear de na seanchaidhean a b' ainmeile a bh' air fhàgail ann an Uibhist, 's air a robh e fhèin eòlach, a tha sùil Bill Innes a' laighe a seo. Rugadh Donnchadh mac Domhnaill 'ac Dhonnchaidh ann an Snaoiseabhal an Uibhist a Deas ann an 1882. Ann an 1907 chaidh tac Pheighinn nan Aoireann a bhriseadh na chroitean agus fhuair Niall, brathair Dhonnchaidh, fear dhiubh. A’ togail taighe comhla rin athair, dh’ionnsaich na balaich sgilean togail – Niall mar shaor agus Donnchadh mar chlachair, sgil a bha na dhreuchd dha fad a bheatha. Bha Donnchadh pòst' aig Mairead, piuthar don bhàrd, Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, Dòmhnall Ruadh Phàislig.

Bha gibht air leth aig Donnchadh air sgeulachdan fada a chumail air chuimhne agus air an innse, 's bha an aon rud fìor mu òrain agus na fuinn. Chual' e iomadach eisimpleir dhiubh aig a sheanair agus aig athair. Ann an 1936 bha an t-Urramach Uilleam MacMhathain a' cur leabhar ri chèile air a' bhardachd aig Ian MacCodrum 's fhuair e fuinn nan òran gu lèir aig Donnchadh. Aig àm a’ chogaidh thàinig KC Craig 's chlar esan còig de na sgeulachdan aig Donnchadh, a nochd an clò ann an 1950. A thuilleadh orrasan chaidh a chlàradh le Fear Chanaigh agus Calum Iain MacIllEathain.

A seo bheir Bill thugainn dìreach bloighean de chuid de na sgeulachdan iongantach a thog Donnchadh, òran luadh is òran na Fèinne agus bàrdachd MhicCodrum am measg eile. Gheibh sinn cuideachd dealbh a dh'fhàg a bhràthair-cèile, Dòmhnall Ruadh Phàislig, dhuinn air Donnchadh, sa bhàrdachd mhìorbhaileach MacPhàil 's MacThòmais agus san òran Fear a' Chòta Ruaidh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More