Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,431 playable programmes from the BBC

Sgaoileadh an Eòlais

Cleachdaidhean Obrach

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

Tha an taghadh aig an t-seinneadair Maighread Callan à Uibhist a Tuath a’ toirt sùil air cuid de na cleachdaidhean obrach a tha air a dhol à bith, agus air beartas a bhriathrachais agus meud an eòlais a bha an cois na h-obrach. Tha mòran fhaclan, abairtean agus sheanfhaclan co-cheangailte ri obair nan each, obair calanais, obair na mònadh agus obair àiteachais air a dhol air dìochuimhn’ air sgàth ’s gu bheil an t-eòlas seo a' crochadh air na cleachdaidhean obrach.

Gheibh sinn pìosan bho Dhòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnaill Iain Dhonnachaidh à Peighinn nan Aoireann ann an Uibhist a Deas mu uidheam an eich agus mu bhith dèanamh ròpan le gaoisid an eich; earrann air obair goibhneachd bho Dhòmhnall MacGillEathain, Dòmhnall a’ Ghobha à Càirinis an Uibhist a Tuath agus criomagan mu bhith a’ dèanamh siaman fraoich agus àth-aoil le mòine aig Seonaidh Dòmhnallach, Seonaidh Dhotaidh, à Caolas Phaibil ann an Uibhist a Tuath.

Aig Flòraidh NicCuthais, Flòraidh Iain Fhionnlaigh Thormoid à Beàrnaraigh cluinnidh sinn ainmean pàirtean den chuidhle-shniomh; tha Dòmhnall MacDhùghaill, Dòmhnall Ailein MacDhùghaill, Dòmhnall Dhonnchaidh an Dùghlaich à Malacleit, ag innse mar a dh’fheumte aig amannan bhith a' leigeil fala bhon chrodh agus bho Chairistìona Peadarsan, Curstaidh Iain Fhionnlaigh Thormoid, gheibh sinn a-mach mun dòigh anns a robh a teaghlach fhèin a' dèanamh ola le grùthain nan cudaigean airson a losgadh anns a’ chrùisgean.

Agus airson crìochnachadh, tha Ruairidh Dòmhnallach, Ruairidh na Carnaich, à Uibhist a Tuath a' toirt dhuinn dà phort mu ghoibhneachd. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More