Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,431 playable programmes from the BBC

Sgaoileadh an Eòlais

Aoigheachd

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S e aoigheachd an cuspair a tha fa-near dhan t-seinneadair agus an òraidiche Maighread Stiùbhart a seo. Mar a tha i ag ràdh, 'Eu-coltach ris an là ‘n-diugh, anns na seann làithean bha aoigheachd ga tabhann an asgaidh, agus gu dearbha cha b' e sin an aoigheachd shuarach, ach na h-annlan agus am frithealadh a b’fheàrr.'

Gheibh sinn iomradh bhuaipe air an aoigheachd a bhiodh an Cliar Sheanchain a' faighinn; na bhiodh a' dol sna taighean mòra aig na h-uaislean; na bhiodh balaich a' faighinn Oidhche Challain; na bha de bhiadh 's de dheoch a' dol aig Banais Ghleann Bhargaill; an aoigheachd a b' urrainn dhut fhaighinn air an àirigh agus na dh'fhaodadh tachairt nuair a dheigheadh brath a ghabhail air aoigheachd. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More