Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,431 playable programmes from the BBC

Sgaoileadh an Eòlais

Sgeulachdan os-nàdarra

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S ann à Lacasdail a Leòdhas a tha Catriona Mhoireach agus, leis gu bheil i na h-òraidiche aig Colaisde a’ Chaisteil UHI a’ teagasg eachdraidh agus dualchas nan Gàidheal, tha ùidh mhòr aice ann am beul-aithris, gu sònraichte anns na sgeulachdan os-nàdarra a chaidh a thogail le Sgoil Eòlais na h-Alba ann a Leòdhas agus na Hearadh mu shìthichean agus bana-bhuidsichean, taibhsean agus an dà-shealladh agus cleachdaidhean leigheis agus slànachaidh.

Cluinnidh sinn bhuaipe mu leanabh a rugadh le craiceann seann duine, mu Thinneas a' Rìgh, mun droch shùil, mar a bhathas a' cur às leth na bana-bhuidsich gu robh iad a' falbh le toradh a' bhainne, mu Mhac an t-Srònaich, mu mhanadh air bàs agus mu fhear a chaidh a' sàs ann am bòcan. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More