Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,431 playable programmes from the BBC

Sgaoileadh an Eòlais

Am bàrd, Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S ann à Gearra Bhailteas an Uibhist a Deas a tha an seinneadair Gillebrìde Mac 'IlleMhaoil. Bhuannaich e Bonn Òir an t-Seann Nòis ann an Dùn Omhain ann an 2000 agus na obair làitheil 's e òraidiche Gàidhlig agus Ceiltis a th' ann aig Oilthigh Ghlaschu. Mar as dòcha a shaoileadh sibh 's ann a dh' Uibhist a Deas a chaidh e airson a thaghadh às an tasglann - am bàrd, Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, Bàrd Phàislig.

Ged a b' ann mar bhàrd a fhuair Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, cliù airson òrain cho ainmeil 's a th' againn ann an saoghal na Gàidhlig - Òran na Cloiche, Sporan Dhòmhnaill agus Bùth Dhòmhnaill 'IcLeòid nam measg - mar a tha Gillebrìde ag ràdh, chan eil sin ag innse làn sgeulachd mu shaothair Dhòmhnall a thaobh òrain is dàin. Anns an tasglann, ann an còmhraidhean agus seinn a chaidh a chlàradh le Calum Mac Gill-Eain, cluinnidh sinn cho fiosrachail agus eòlach s 's a bha Dòmhnall Ruadh air òrain bhon dualchas aige fhèin.

'S iad na h-òrain a tha Gillebrìde a taghadh dhuinn Am Bothan a bh’ aig Fionghalla, an t-òran luaidh Horo Hùg gur e an Latha, òrain a' moladh agus a dì-moladh Inbhir Lòchaidh, Òran do Chatrìona NicMhathain agus fear de na dàin èibhinn, aoireil aige, MacPhàil is MacThòmais. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More