Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,431 playable programmes from the BBC

Sgaoileadh an Eòlais

Smior nan Daoine

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

Tha Mairead Dhòmhnallach air leth eòlach air cho luachmhor agus a tha na chlàr Sgoil Eòlais na h-Alba oir b' i an stiùiriche a bh' air a' làrach-lìn, Tobar an Dualchais, far am faighear air èisteachd ri cuid da na chlàr iad, gu 2019. A seo tha i a' toirt dhuinn sealladh air dè a bh' ann a bhith nad Ghàidheal aig toiseach agus meadhan na ficheadamh linn.

Às na miltean de dh'òrain-obrach a chaidh a thogail, tha i a' taghadh Ceit Nic a' Mhaoilein à Beinn a' Bhaghla le Ceit NicNeacail, Peanaidh Bheag Mhoireasdan agus Peanaidh Mhòr NicIllFhialain à Uibhist a Deas a' seinn còmhla rithe. Tha Sandaidh Mac-a-Phì à Cnòideart ag innse seann sgeulachd mu dhroch uachdaran sa sgìre aige agus tha seanchas cuideachd aig Iain MacDhonnchaidh ann an Eilean Arain, a bha am measg an fheadhainn mu dheireadh a bha a' bruidhinn Gàidhlig Arain gu fileanta.

Gheibh sinn salm a chaidh a chlàradh le Thorkild Knudsen agus Fred Kent aig adhradh teaghlaich ann a Leòdhas, agus Iain Mac a' Ghobhainn, gobha à Baile an Truiseil, a' cur a-mach na loidhne. Tha Ceit NicRath faisg air a' Phloc ann an sgìre Loch Aillse a' dol air ais gu toiseach na ficheadamh linn agus i ag innse do Chalum Iain MacIllEathain mun phlòigh a bh' aca air Oidhche Shamhna agus tha fiosrachdh mionaideach aig Uisdean MacFhionghain à Clèadal ann an Eige air mar a biodh iad ag iomain air an tràigh a sin, cleachdadh a mhair suas gu mu 1925.

Cluinnidh sinn bho Fhlòraidh NicCumhais à Beàrnaraigh mu chleachdaidhean a bh' aca a thaobh suirghe is pòsadh, gu sònraichte mar a bha còrdadh is rèiteach gan cur air dòigh agus san dealachadh tha cuspair air an robh Gàidheil gu math eòlach – a bhith a' fagail an dachaigh agus a bhith fad air falbh bho luchd an gaoil - ann an òran a chaidh a dhèanamh le Ailean Dòmhnallach à Tarsgabhaig ann an Slèite. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More