Bha na seann Ghreugaich a' cumail a-mach gu robh ceithir eileamaidean a bha bunaiteach dhar beatha - èadhar, uisge, teine agus talamh.
A seo tha sinn a' faighinn beachdan agus smuaintean dhaoine air an èadhar a tha dhar cumail beò. Tha an Dr Aonghas MacFhionghain a' mìneachadh mar a tha ar corp an crochadh air èadhar; Catriona Mhoireach a' bruidhinn air cho feumail agus a tha gas agus èadhar nuair a tha boireannach ri saothair chloinne; an Dr Iain MacAonghais le sgeulachd nan ceithir bunaitean; tha Coinneach Macleòid ag innse mu thubaist uabhasach a' bhàt'-aiseag a Wahini anns a robh e ann an Sealan Nuadh; Bill Innes a' toirt iomradh air mar a tha èadhar a' toirt buaidh air itealan agus Cailean Macleòid a' dèanamh dealbh air mar a choisich e air sgiath seann itealan agus i anns an adhar.
Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 2003. Show less