Anns an dàrna sreath de Na Seann Ghreugaich, tha Dòmhnall Macleòid, a tha air a bheatha-obrach a chur seachad mar saidhgeolaiche, a' leantainn air a' tòirt sùil phearsanta air an dìleab iongantach a dh'fhàg na Seann Ghreugaich againn.
Tha e gar toirt air ais chun a' chòigeamh linn ro Chrìosd, chun Aois Chlasaigeach neo Aois Phericles mar a bha e cuideachd air ainmeachadh.
'S iad na Greugaich a thug dhuinn na Geamannan Oilimpigeach ach 's iad cuideachd a thug dhuinn deamocrasaidh, litreacheas, feallsanachd, saidheans, airgead agus dràma an cois iomadach rud eile.
A seo tha Dòmhnall Macleòid agus Dòmhnall Camshron a' gabhail beachd air mar a thòisich cùisean a' dol ceàrr agus mar a chrìon an Aois Òr aig a' cheann thall. Thug plàigh agus cogaidhean am buaidh fhèin cuideachd agus cha b'fhada gun deach an sluagh sìos gu mòr. Show less