Anns an dàrna sreath de Na Seann Ghreugaich, tha Dòmhnall Macleòid, a tha air a bheatha-obrach a chur seachad mar saidhgeolaiche, a' leantainn air a' tòirt sùil air an dìleab iongantach a dh'fhàg na Seann Ghreugaich againn.
Tha e gar toirt air ais chun a' chòigeamh linn ro Chrìosd, chun Aois Chlasaigeach neo Aois Phericles mar a bha e cuideachd air ainmeachadh.
'S iad na Greugaich a thug dhuinn na Geamannan Oilimpigeach ach 's iad cuideachd a thug dhuinn deamocrasaidh, litreachas, feallsanachd, saidheans, airgead agus dràma an cois iomadach rud eile.
A seo tha Dòmhnall Macleòid agus Dòmhnall Camhsron a toirt geàrr-chunntas air na h-Àithnich.
Tha cuideachd dithis aoighean sa stiùidio còmhla ri Dòmhnall - Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Iain Macleòid - agus iad a' beachdachadh air cò ris a bhiodh e coltach a bhith beò ann am baile a bha cho fosgailt' agus far a robh còmhradh agus deasbad a' dol gun sguir. Seo baile cuideachd a bha an crochadh air tràillean airson a' mhòr-chuid dhan obair a dhèanamh. Show less