Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,430 playable programmes from the BBC

Chuala Mi

Lorgan M' Òige

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for 10 months

San Dùbhlachd, bidh 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.

Tha Niall Iain Dòmhnallach air prògram a thaghadh a thug air fhèin stad nuair a chuala e e son a' chiad uair - Lorgan M' Òige, prògram a rinn athair, Màrtainn Dòmhnallach, ann an 2003. Tha am prògram na shealladh pearsanta air òige Mhàrtainn san Eilean Sgitheanach, air a sgrìobhadh gu h-eirmseach, gu h-inntinneach, agus gu h-ealanta.

Ach mar a tha Niall Iain a' mìneachadh, bha e cuideachd na chothrom dha fhèin rudan ionnsachadh mu athair agus mu theaghlach nach b' aithne dha gun cuala e am prògram. Show less

Genres

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More