Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,431 playable programmes from the BBC

Chuala Mi

Bhòidse an Urr Aonghas MacFhionghain

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for 10 months

San Dùbhlachd, bidh 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean BBC Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.

Sa chiad phrògram san t-sreath, tha an craoladair Iain Moireach gar toirt air ais gu 2004. Chaidh Coinneach MhicÌomhair a chèilidh air an Urr Aonghas MacMhathain MacFhionghain, na dhachaigh ann an Albainn Nuadh. Bhuineadh e don Allt Bheithe bho thùs ach, aig aois 84, sheòl e tarsainn a' Chuain Siar leis fhèin, eadar Canada is Sasainn. Dh' innis e do Choinneach MacÌomhair mar a chaidh dha air an turas agus tha Iain ag innse dhuinn carson a tha cuimhne cho math aigesan air a' chòmhradh, cha mhòr fichead bliadhna bho chaidh a chraoladh an toiseach; agus carson a mholadh e do dhaoine èisteachd ris às ùr an-diugh. Show less

Genres

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More