Tro sheachdainean an t-samhraidh, tha cothrom air a bhith aig Coinneach Mac a' Ghobhainn a dhol a-mach air diofar chuairtean ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte dhen dùthaich.
Anns a' phrògram mu dheireadh dhen t-sreath, 's ann ri rothaireachd a tha sinn anns an Eilean Sgitheanach cuide ri Aonghas Moireach agus Kerr Gibb, dithis a tha gu math eòlach air a bhith air dà chuibhle air rathaidean Thròndairnis. Ach ciamar a thèid dha Coinneach is e a' feuchainn ri baidhsagal dealain a chleachdadh?
'S iomadh sealladh is cuspair air an tog iad nan triùir. A' tòiseachadh aig taigh Aonghais ann am Flòdaigearraidh, dìridh iad bealach na Cuith-Raing agus nì iad cearcall dhen rathad mu thuath - a' beachdachadh air ainmean-àite, neart na coimhearsnachd sa cheàrnaidh sa, na làraich eachdraidheil a chìthear agus na tha a' tàladh Aonghas agus Kerr gu rothaireachd mar chur-seachad. Show less