Tro sheachdainean an t-samhraidh, tha cothrom air a bhith aig Coinneach Mac a' Ghobhainn a dhol a-mach air diofar chuairtean ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte dhen dùthaich.
Anns a' phrògram sa tha sinn an cuideachd fear de shàr-eòlaichean saoghal chàraichean Eilean Leòdhais - Calum 'Kiwi' MacLeòid - agus e gar toirt a-mach ann an aonan de na càraichean aige. Tha Calum air bliadhnaichean mòra a chuir seachad a' ruith garaids ann an Steòrnabhagh, agus na ùine fhèin tha e a cheart cho dualdach a bhith le shròin fon bhonaid is a bha e na bheatha-obrach.
Cluinnidh sinn beagan mu na càraichean eadar-dhealaichte air a bheil e ag obair an-dràsta mus fhalbh sinn cuide ris ann an AC Cobra - càr a tha e fhèin air a chuir ri chèile, is a bha e a' miannachadh bhon a bha e glè òg. Agus air turas gu baile àraich ann an Cnoc an t-Solais gheibh sinn sealladh air an duine fhèin cuideachd - mar a thog e ùidh ann an càraichean, mar a tha e air a bheatha a chuir seachad a' dèanamh obair a tha a' còrdadh ris cho mòr, agus an aon chàr a bu chaomh leis lorg fhathast gus a chàradh anns an t-seada. Show less