Tro sheachdainean an t-samhraidh, tha cothrom air a bhith aig Coinneach Mac a' Ghobhainn a dhol a-mach air diofar chuairtean ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte dhen dùthaich.
Sa phrògram sa tha Coinneach an cuideachd Dhòmhnaill Dhòmhnallaich ann am beanntan Ùig Leòdhais. 'S iomadh beann àrd a tha sa sgìre seo agus 's ann suas Griomabhal a tha Dòmhnall agus buidheann de luchd-coiseachd eile gar toirt. Dè tha cho tarraingeach mu bhith a' sreap nam beann? A bheil e duilich a dhèanamh? Agus carson nach eil barrachd eileanaich ga dhèanamh?
Dìreach cuid de na ceistean air a bheil iad a' beachdachadh, le Dòmhnall ag innse beagan mu sgeulachd a bheatha fhèin agus na seallaidhean a chithear air a' chuairt. Sin fhad 's nach tèid an glacadh sa cheò aig mullach na beinne! Show less