Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,057 playable programmes from the BBC

A-mach Leinn!

Cnoc Na Leargaidh Ghallta

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for 12 months

Tro sheachdainean an t-samhraidh, tha cothrom air a bhith aig Coinneach Mac a' Ghobhainn a dhol a-mach air diofar chuairtean ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte dhen dùthaich.

Anns a' phrògram seo tha e a' gabhail cuairt a-mach gu na cnuic air iomall na Leargaidh Ghallta. 'S ann sa bhaile sin a tha Gary Fearghastan a' fuireach, ach tha e an dùil cuairt gu math nas fhaide a dhèanamh thall-thairis - a bheanntan Shìona, Mongolia, agus na Ruis ann an 2024. Ach 's ann sna cnuic agus na beanntan faisg air baile-àraich fhèin a tha e a' dèanamh mòran dhen trèanadh aige.

Tha Coinneach a' gabhail sgrìob suas aon chnoc air taobh a-muigh a' bhaile mar phàirt dhen trèanadh sin, agus a' cluinntinn mu na h-adhbharan pearsanta a th' aig Gary a bhith a' coiseachd is a' sreap air feadh an t-saoghail airson carthannas, agus mar a tha a bhith a-muigh sna beanntan na chuideachadh is na chùl-taic dhàsan gu pearsanta. Sin, agus cothrom an tuilleadh a chluinntinn mun sgìre aige fhèin, sgìre air a bheil e gu math dèidheil agus eòlach. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More