Tro sheachdainean an t-samhraidh, tha cothrom air a bhith aig Coinneach Mac a' Ghobhainn a dhol a-mach air diofar chuairtean ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte dhen dùthaich.
Anns a' chiad phrògram tha sinn an cuideachd Alasdair MhicEachainn, air turas a Rònaigh. Chan eil an-diugh ach fèidh, iolairean-mara agus biastan dubha anns an eilean beag far Ghriomasaigh, ach tha Alasdair gar stiùireadh thairis air muir is tìr le turas bàta don eilean.
'S iomadh sealladh is cuspair air an tog Coinneach agus Alasdair air an turas aca, eadar iolairean-mara, na croitean bàn air na cladaichean, ainmean àite annasach an eilein leithid Loch nan Draoidhean, tobhta loidse seilg nan dòbhran agus beatha is ùidh Alasdair fhèin anns an àrainneachd. Cha bheag an eachdraidh a tha an cois an eilein bhig seo, agus 's math as fhiach e a thighinn a-mach leinn air an turas. Show less