Chomharraich bun-sgoiltean Leòdhais na ceud bliadhna bho sheòl an SS Metagama anns a’ Ghiblean 1923 na bu tràithe am-bliadhna. Chuir naoi sgoiltean an dealbh-chluich aca fhèin air àrd-ùrlar, le cuideachadh bho inbhich sa choimhearsnachd gach cuid air cùl gnothaich agus air an àrd-ùrlar. An toiseach chaidh eòlaichean eachdraidh bho na sgìrean fa leth a-steach do na sgoiltean airson mìneachadh a thoirt seachad air mar a bha cùisean sna h-eileanan siar aig an àm agus à sin dhealbhaich sgrìobhaichean agus na sgoilearan, le taic stiùiridh bhon oide dràma, Marisa NicDhòmhnaill, dealbh-chluich a bhuineadh dhan sgìre aca fhèin. Fhuair Dìleab-Metagama - compàirteachas eadar Roinn Foghlam, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne Chomhairle nan Eilean Siar agus Fèisean nan Gàidheal - taic bhon phròiseact Treòir, Voar, Virr aig Riaghaltas na h-Alba, Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gàidhlig.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh dealbh-chluich Bun-sgoil Lacasdail air a sgrìobhadh le Duncan Norman Macleòid. Chaidh a chlàradh le Sgioba Ioma-mheadhain Chomhairle nan Eilean Siar. Show less