Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 293,071 playable programmes from the BBC

Trusadh

Series 14

Each nan Eilean

Duration: 59 minutes

First broadcast: on BBC ALBA HDLatest broadcast: on BBC ALBA

Available for 3 days

Tha Màiri Ross às an Rubha ann an Eilean Leòdhais air a bhith air a beò-ghlacadh le eich bho bha i trì bliadhna a dh’ aois. Ged a tha i air a bhith dèidheil air eich fad a beatha, tha i airson an tuilleadh eòlais fhaighinn air na ceithir gnèithean dùthchasach ann an Alba – an t-each Èirisgeach, an t-each Sealtainneach, an t-each Gàidhealach agus an Clydesdale.

Leis an sin, tha Màiri a’ dol air chuairt is i a’ coinneachadh ri daoine coltach rithe fhèin a tha dèidheil air na diofar ghnèithean agus tha i ag ionnsachadh mu na tha iad a’ dèanamh gus na h-àireamhan aca a dhìon airson an ama ri teachd.
Tha i a’ tadhal anns a’ chiad dol a-mach air Eilean brèagha Èirisgeigh far a bheil i a’ coinneachadh ri DJ MacAonghais, neach-clàraidh Comunn Each nan Eilean, a tha ag innse mar a thathas a’ feuchainn ri na h-eich sònraichte seo a chumail bho bhith dol à bith.

Tha i a’ dèanamh air Sealltainn far a bheil i a’ faicinn na h-eich ainmeil a bhuineas dhan eilean anns an àrainneachd nàdarrach aca fhèin, tha i a’ gabhail cuairt a Ruma a dh’ ionnsachadh mu na h-eich Gàidhealach sònraichte a th’ aca an sin agus tha i a’ coinneachadh ri David agus Beverley Walker stèidhichte ann an Inbhir Narann, dithis aig a bheil farsaingeachd eòlais air na h-eich Clydesdale. Tha i cuideachd a’ faighinn cothrom a dhol gu aon de na tachartasan àiteachais as ainmeile ann an Alba, Fèill Rìoghail na Gàidhealtachd, a tha a' taisbeanadh nan gnèithean eich dùthchail as fheàrr a tha rim faicinn.

Mairi Ross from Point on the Isle of Lewis has been passionate about horses since the age of three. Though her love of horses has been lifelong, she is eager to learn more about Scotland’s four native breeds: the Eriskay Pony, Shetland Pony, Highland Pony and Clydesdale horse.

With this in mind, Mairi embarks on a journey where she meets like-minded people who care deeply about the different breeds and finds out what they are doing to preserve their numbers going into the future.

Her first stop is the beautiful island of Eriskay where she meets DJ MacInnes, registrar of The Eriskay Pony Society, who highlights the very real plight of keeping the horses from going extinct. She visits Shetland to see the island’s well-known breed of ponies thriving in their natural environment, takes a trip to Rum where she discovers a unique version of the Highland Pony and journeys to Nairn to meet passionate Clydesdale breeders David and Beverly Walker. Mairi also attends one of the most famous agricultural events in Scotland, The Royal Highland Show, which showcases the best of the native breeds.

In Gaelic with English subtitles Show less

Contributors

Presenter:
Mairi Ross
Executive Producer:
Margaret Mary Murray
Production Manager:
Marion Maclean

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More