Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,595 playable programmes from the BBC

Samhradh Sna Srathan

Cuairt shamhraidh an luchd-siubhail

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Bha an dithis a tha dhar toirt cuairt a' rathaid a seo ann an 2007 a' comharrachadh gu robh iad an ceithir fichead na bu tràithe am-bliadhna - Easaidh Stiùbhart agus Aonghas Dubh MacNeacail. 'S e turas toilicht' agus cianail a th' ann, a tha a' dùsgadh iomadach cuimhneachan agus a tha ag innse uiread mun dòigh-beatha bheartach a bh' aig luchd-siubhail, a' leantainn ràithean na bliadhna, 's a' sealltainn cho làidir agus a bha am fèin-aithne.

Buinidh Easaidh do theaghlach luchd-siubhail à Cataibh agus gach samhradh còmhla ri mathair, Màiri, agus a seanar, Ali Dall Stiùbhart, a choisinn fìor chliù mar sgeulaiche Gàidhlig, shiubhaladh iad suas ri còig cheud mìle tro na glinn agus mu chuairt nan cladaichean an Cataibh a' leantainn na h-eich is a' chairt. Tha Easaidh a' smaoineachadh gur ann ann an 1978 a rinn duine a bhuineadh dhi an turas mu dheireadh.

A seo tha i fhèin agus Aonghas a' tòiseachadh aig a' Chaolas Chumhang air an earann mu dheireadh dhen cuairt. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More