Bha an dithis a tha dhar toirt cuairt a' rathaid a seo ann an 2007 a' comharrachadh gu robh iad an ceithir fichead na bu tràithe am-bliadhna - Easaidh Stiùbhart agus Aonghas Dubh MacNeacail. 'S e turas toilicht' agus cianail a th' ann, a tha a' dùsgadh iomadach cuimhneachan agus a tha ag innse uiread mun dòigh-beatha bheartach a bh' aig luchd-siubhail, a' leantainn ràithean na bliadhna, a' sealltainn cho làidir agus a bha am fèin-aithne.
Buinidh Easaidh do theaghlach luchd-siubhail à Cataibh agus gach samhradh còmhla ri mathair, Màiri, agus a seanar, Ali Dall Stiùbhart, a choisinn fìor chliù mar sgeulaiche Gàidhlig, shiubhaladh iad suas ri còig cheud mìle tro na glinn agus mu chuairt nan cladaichean an Cataibh a' leantainn na h-eich is a' chairt. Tha Easaidh a' smaoineachadh gur ann ann an 1978 a rinn duine a bhuineadh dhi an turas mu dheireadh.
A seo tha i fhèin agus Aonghas air Mealanais a ruighinn agus iad a' ceilidh air feadhainn a bha eòlach air teaghlach Easaidh. Show less