Tha dà cheud bliadhna bho thàinig Rìgh Seòras IV gu baile Dhùn Èideann. Innsidh an t-eòlaiche-eachdraidh, Coinneach MacIllEathain, mun bhuaidh a thug an turas sin air ìomhaigh na h-Alba.
A' comharrachadh dà fhichead bliadhna bho chaidh Drochaid Cheasaig a thogail. Cluinnidh sinn bho thriùir aig a bheil cuimhne air mar a bha cùisean mus robh drochaid ann.
Bheir an dealbhadair-aodaich, Sandra Mhoireach, dhuinn eachdraidh-beatha an neach-dealbhachaidh fasain, Issey Miyake, a chaochail an t-seachdainn sa.
Agus tha Alasdair MacLeòid a' leanntainn air leis an sreath far a bheil e a' toirt sùil air stuthan-bìdhe a dh'atharraich eachdraidh an t-saoghail. An-diugh, buntàta. Show less