Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,445 playable programmes from the BBC

Nuair a Thàinig Àranais

Dùnadh a' Ghàrraidh

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Cha robh ach meulaich chaorach ri chluinntinn air Rubha Àranais ann an Leòdhas aig toiseach na 70an. Ach ann an 1974, le gnìomhachasan trom air an tàladh a dh' Alba air tòir ola a' Chuain a Tuath, thàinig cruth-atharrachadh air Bàgh Ghlumaig. 'S ann an uair sin a thàinig gàrradh-ola Àranais dhan eilean. Airson còrr air còig thar fhichead bliadhna, thug e cosnaidhean, ionnsachadh, agus airgead do na h-eileanan. Bho 2000, chaidh an obair agus an gàrradh na bu shàmhaiche.

Ach le dòchas às ùr gun tig làithean nas fheàrr do dh'Àranais an-diugh, anns an t-sreath phrògraman seo tha Aonghas Dòmhnallach air bruidhinn ri na daoine a fhuair buannachd, cosnadh, agus iomadach bliadhna de chuimhneachain prìseil às a' ghàrradh. Tha iad ag innse sgeulachd a' ghàrraidh, agus a' daingneachadh ar tuigse air àite ann an eachdraidh nan eilean eadar na 70an is na 90an.

Anns a' phrògram mu dheireadh dhen t-sreath, tha sinn a' cluinntinn mar a dhùin an gàrradh aig deireadh na 90an. Bha sgioba de luchd-stiùiridh ionadail air an gàrradh a ghabhail a-null is air a chumail a' dol nuair a dh'fhalbh Heerema, companaidh mòr Duidseach. Ach cha b' urrainnear a chumail fosgailte nuair nach robh iad a' faighinn am pàigheadh bho chompanaidh eadar-nàiseanta eile. Tha Aonghas a' cluinntinn nan sgeulachdan bhon àm sin, agus aig àm nuair a tha dòchas às ùr againn mun ghàrradh, a' beachdachadh air dìleab a' ghàrraidh dhuinn sa latha an-diugh. Oir 's iomadh rud a dh'atharraich anns an eilean, Nuair a Thàinig Àranais. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More