Cha robh ach meulaich chaorach ri chluinntinn air Rubha Àranais ann an Leòdhas aig toiseach na 70an. Ach ann an 1974, le gnìomhachasan trom air an tàladh a dh'Alba air tòir ola a' Chuain a Tuath, thàinig cruth-atharrachadh air Bàgh Ghlumaig. 'S ann an uair sin a thàinig gàrradh-ola Àranais dhan eilean. Airson còrr air còig thar fhichead bliadhna, thug e cosnaidhean, ionnsachadh, agus airgead do na h-eileanan. Bho 2000, chaidh an obair agus an gàrradh na bu shàmhaiche.
Ach le dòchas às ùr gun tig làithean nas fheàrr do dh'Àranais, anns an t-sreath phrògraman seo tha Aonghas Dòmhnallach air bruidhinn ri na daoine a fhuair buannachd, cosnadh, agus iomadach bliadhna de chuimhneachain prìseil às a' ghàrradh. Tha iad ag innse sgeulachd a' ghàrraidh, agus a' daingneachadh ar tuigse air àite ann an eachdraidh nan eilean eadar na 70an is na 90an.
Anns an dàrna prògram de thrì, tha Aonghas a' cluinntinn bho fheadhainn a chunnaic a' bhuaidh a thug Àranais air baile Steòrnabhaigh. Aig àm caochlaideach don eaconamaidh sna 80an, bha airgead Àranais a' fàgail gun gabhadh taighean a thogail, càraichean a cheannach, agus bùithtean a chumail a dol san eilean. B' iad seo cuideachd na làithean nuair a ghabh companaidh Duidseach smachd air Àranais - Heerema - agus thàinig atharrachadh air a' ghàrradh air sgàth sin.
Ann am facail nan daoine a bha ag obair ann agus a chunnaic na làithean sin, cluinnidh sinn mun obair throm, chruaidh a bh' anns a' ghàrradh ach cuideachd mu na sgeulachdan, na càirdeasan, agus na cothroman a thog ceann san eilean Nuair a Thàinig Àranais. Show less