Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,774 playable programmes from the BBC

Naoi gu Deich

07/07/22 le Cathy NicDhòmhnaill

Duration: 57 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha còig bliadhna fichead air a’ mhìos seo bho chaidh Hong Kong, a bha na cholonaidh Breatannach airson còrr is ceud bliadhna, a thoirt air ais le Breatainn gu bhith fo ùghdarras Shìona. Dè mar a tha Hong Kong air atharrachadh bho 1997? Gheibh sinn beachd Mhìcheal Bauer, aig a bheil buinteanas teaghlaich ri Hong Kong, agus Will Clem a bha ag obair san dùthaich airson grunnan bhliadhnaichean gus an do thill e a dh'Alba an-uiridh.

Bheir Calum Iain Bartlett dhuinn eisimpleir eile de dh'innleadairean aig an robh buinteanas do dh'Alba, 's e a' bruidhinn air Frederick Creed agus Dòmhnall Moireach a chruthaich le chèile an Teleprinter.

Cluinnidh sinn bho thriùir a tha a' cleachdadh na meadhanan-sòisealta airson a bhith a' teagasg agus ag ionnsachadh.

Tha Obar Dheathain a' comharrachadh 400 bliadhna bho thàinig Eideard Raban a dh’fhuireach dhan bhaile le clò-bhualadair. Bheir Pàdraig MacAmhlaigh dhuinn eachdaidh beatha fear a bha cudromach ann an eachdraidh litreachais na h-Alba, an dìleab a dh’fhàg e, mar a tha tachartasan a’ dol air a' bhliadhna seo agus mar a tha oidhirp ga dhèanamh a chàirdean a lorg. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More