Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,749 playable programmes from the BBC

Deagh Fhonn

Hì Ho Rò 'S Na Hò Rò Eile le Màiri Anna NicUalraig

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Cò às a thàinig na fuinn air a bheil sinn eòlach? Ann an sreath ùr, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ còmhradh ri luchd-ciùil mu na fuinn a tha a’ còrdadh riutha, agus aig a bheil sgeulachdan inntinneach is annasach. Anns a’ phrògram sa, tha Coinneach a’ bruidhinn ri Màiri Anna NicUalraig mun fhonn Hì Ho Rò 'S Na Hò Rò Èile - fonn a tha air nochdadh aig Goill is Gàidheil na h-Alba.

Mar a chluinneas sinn bho Mhàiri Anna, tha am fonn air a sheinn an-diugh an cois òran le Iain MacIllEathain, Bàrd Bhaile Mhàrtainn à Tiriodh. Ach tha e cuideachd ri chluinntinn aig seinneadaran sa Bheurla Ghallda, is e air òran Raibeart Burns, "Ae Fond Kiss".

Ge-tà, chan eil a seo ach aon eisimpleir den cheangal eadar Burns agus saoghal ciùil nan Gàidheal, agus tha tùs a' chiad fhuinn a chaidh a chur air Ae Fond Kiss le Burns toinnte dha-rìribh. Air cuairt claisneachd a tha a' gabhail a-steach seann chlarsairean nan ceann-feadhna, an sgaradh eadar ceòl dualchasach agus ceòl clasaigeach, agus saoghal ciùil Baroque an 18mh linn, tha a' loidhne iomadh-fhillte eadar Gàidheil is Goill na h-Alba air a shoilleireachadh tro mheadhan a' chiùil. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More