Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,749 playable programmes from the BBC

Deagh Fhonn

Bail' Inbhir Aora le Ailean Dòmhnallach

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Cò às a thàinig na fuinn air a bheil sinn eòlach? Ann an sreath ùr, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ còmhradh ri luchd-ciùil mu na fuinn a tha a’ còrdadh riutha, agus aig a bheil sgeulachdan inntinneach is annasach. Anns a’ phrògram sa, tha Coinneach a’ bruidhinn ris a' phìobaire ainmeil Ailean Dòmhnallach à Gleann Ùige mun fhonn, Bail' Inbhir Aora, neo Mrs MacLeod of Raasay - fonn aig a bheil iomadach ainm agus cruth air an dà thaobh de Shruth na Maoile.

Cluinnidh sinn bho Ailean mar a tha am fonn gu math ainmeil againn an-diugh sa Ghàidhlig mar Bail' Inbhir Aora - gu sònraichte air na facail do Luinneag an Iasgair a sgrìobh am bàrd Muileach, Iain MacPhàidein, aig toiseach an 20mh linn. Ach bha e eadhon an uair sin na fhonn air an robh daoine eòlach, is MacPhàidein a' sgrìobhadh an òrain dha rèir.

Air a' phìob, aithnichear am fonn mar The Campbells Are Coming neo Mrs MacLeod of Raasay - agus chuir Raibeart Burns facail ris a' phort-pìoba a chaidh a chleachdadh mar chaismeachd aig Clann Chaimbeul nuair a stèidhichear na rèiseamaidean Gàidhealach. Ach tha am fonn air taobh thall Sruth na Maoile cuideachd - is e air aithneachadh mar an òran Seann Duine Doite. Cò às a thàinig e bho thùs, agus carson a tha e air a bhith cho tlachdmhor do dh' iomadach neach-ciùil is seinneadar? 'S iad sin na ceistean a tha Ailean Dòmhnallach a' freagairt. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More