Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,749 playable programmes from the BBC

Na Fàrdaichean Sguabta

Rubha an Dùnain agus Gleann Conan

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Tha Seumas Dòmhnallach a’ tòiseachadh a' phrògraim mu dheireadh san t-sreath seo ann an àite eile air nach bi mòran a’ tadhal, Rubha an Dùnain ann am Minginis. B’ i dachaigh eachdraidheil Chlann ‘ic Asgaill a bha seo gus an do dh’ fhàg iad anns an 19mh linn. A’ coiseachd còmhla ri Seumas tha Cailean MacGillEathain aig a bheil dlùth cheangal ris an àite agus do Chlann ‘ic Asgaill air taobh a mhàthar. Tha Cailean a’ sealltainn do Sheumas na tha ri fhaicinn agus a’ mìneachadh dha an ceangal a tha esan a’ faireachdainn ris an àite san là a th' ann. Tha Seumas an uair sin a’ fàgail taobh siar an Eilein agus a’ dèanamh a shlighe air ais mu thuath gu ruige Thròndarnais a' bhruidhinn ri Seumas Caimbeul ann am Baile nan Cnoc ann an Gleann Conan. Seo àite a tha fìor ainmeil am measg luchd-turais san là a th’ ann mar am ‘Fairy Glen’. Tha atharrachaidhean mòra air tighinn air an àite seo agus tha Seumas ag innse mun cheangal a th’ aige fhèin ris an sgìre. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More