Tha Seumas Dòmhnallach anns an t-Srath san Eilean Sgitheanach is e a’ tadhal air dà sheann bhaile a tha nan eiseimpleirean cho math ‘s th’ anns an Eilean air na fuadaichean, Suisnis agus Boraraig. Ga thoirt ann, tha fear de mhuinntir na sgìre. Tha Tormod Stoddart air a bhith ag obair stoc air an talamh seo fad còrr is trì fichead bliadhna. Bho àm gu àm bidh e a’ toirt cuid de shliochd nan daoine a dh’fhalbh chun nam bailtean feuch am faic iad far an robh an sinnsearan uair a’ fuireach. Tha Tormod cuideachd ag innse mun àite a tha aig a dhachaigh fhèin ann an sgeulachd nam fuadaichean seo. Show less