Tha Seumas Dòmhnallach a’ tadhal air pàirt eile den Eilean Sgitheanach sa chòigeamh prògram, an turas seo sgìre Ghleann Dail a choinneachadh feadhainn a tha eòlach air dà sheann bhaile, Lothairgil agus Ramasaig.
Chuir Murchadh Dòmhnallach, a rugadh ‘s a thogadh ann an Gleann Dail, ùine seachad anns na bailtean sin na chìobaire. Tha e ag innse do Sheumas cò ris a tha na h-àitichean iomallach seo coltach san là a th' ann agus cò ris a bhiodh iad air a bhith coltach mus deach na daoine am fuadach.
Tha Seumas cuideachd a’ bruidhinn ri cìobaire eile, Ruaraidh MacLeòid a chuir greis seachad a’ fuireach agus ag obair ann an Lothairgil agus cuideachd, Peadair MacAsgaill a tha air a bhith a’ ruith thaighean-tasgaidh anns an sgìre fad iomadach bliadhna. Show less