Anns a' cheathramh prògram tha Seumas Dòmhnallach a’ gabhail sgrìob gu ceàrnaidh eile den Eilean Sgitheanach, an turas seo a choinneachadh Màiri Anna NicPhàrlain aig a bheil ceangal ri seann bhaile Bhreasclain faisg air Borbh. An-diugh chan eil air fhàgail ach làrach far an robh baile aig aon àm ach tha seanchas agus fiosrachadh aig Màiri Anna a tha a’ toirt nan seann sgeulachdan beò. Tha i fhathast a’ cumail càirdeas suas le teaghlaichean a sinnsearan fhèin a dh’ fhàg an sgìre am meadhan na 19mh linn airson beatha ùr ann an Astràilia. Tha i a’ sealltainn litrichean agus leabhraichean do Sheumas, a sgrìobh na dh'fhalbh, mu eachdraidh an teaghlaich agus ag innse mun bhuaidh a tha seo uile a’ toirt oirre san là an-diugh. Show less