Tha Seumas Dòmhnallach air a bhith a’ rannsachadh dàimh dhaoine ri seann bhailtean an Eilein Sgitheanaich agus anns an treas prògram san t-sreath seo tha e a’ gabhail ceum eile gu tuath ann an sgìre Thròndarnais gu ruige làrach baile Ghraolain. Còmhla ris tha tè de mhuinntir na sgìre a tha mion-eòlach air a' bhaile agus air an t-seanchas co-cheangailte ris, Anna Mhàrtainn. A’ coiseachd am measg nan tobhtaichean tha Anna ag innse mun obair rannsachaidh a rinn i, mun dlùth dhàimh a bha i a-riamh a’ faireachdainn ris an àite agus don t-sluagh a dh’ fhalbh agus tha sgeulachd iongantach aice mu fhear air an do thachair i ann an Astràilia agus aig a bheil buntanas teaghlaich ri Graolain. Show less