Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,749 playable programmes from the BBC

Na Fàrdaichean Sguabta

Feall

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Tha Seumas Dòmhnallach air a bhith a’ rannsachadh dàimh dhaoine ri seann bhailtean an Eilein Sgitheanaich agus anns an dàrna prògram san t-sreath seo tha e a’ dol gu ceann a tuath sgìre Thròndarnais gu ruige làrach baile eile, Feall. A’ seasamh am measg thobhtaichean an t-seann bhaile tha e doirbh gun a bhith a’ smaoineachadh air cò na daoine a bha an seo aig aon àm, cò ris a bha am beatha coltach agus dè a thachair dhaibh.
Tha Seumas a' dol air chuairt gu ruige Feall còmhla ri tè a tha eòlach air an àite agus air seanchas co-cheangailte ris. Tha dàimh làidir aig Calina Dhòmhnallach ris a' bhaile. Chaidh a cuideachd am fuadach às agus tha sgeulachdan tìomhaidh aice mun là a b’ fheudar dhaibh an teine a chur às agus an dachaigh fhàgail. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More