Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,749 playable programmes from the BBC

Na Fàrdaichean Sguabta

Airmsiadar agus Holm

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Tha ùidh air a bhith aig Seumas Dòmhnallach ann an eachdraidh nam fuadaichean san Eilean Sgitheanach fad a bheatha. Chuir e eòlas air a' chuspair anns an sgoil, san oilthigh agus ann a leabhraichean, gun bhruidhinn air an t-seanchas a bhiodh e a’ cluinntinn mun cuairt air. Anns an t-sreath seo tha Seumas a' cur beagan ùine seachad an cuideachd dhaoine a tha eòlach agus aig a bheil ceangal pearsanta ri cuid de na bailtean a tha falamh an-diugh airson tuigse nas fhèarr fhaighinn air carson a tha na seann àitichean sin fhathast cho prìseil dhaibh.
A seo cluinnidh Seumas mu dà bhaile air seann oighreachd Sgoire Breac beagan a tuath air Port Rìgh; oighreachd a bha aig aon àm am measg nan tuathanas chaorach bu mhotha ann an Alba. Tha dlùth cheangal aig Iain Dòmhnallach, no Iain a’ Chìobair ri Airmsiadar. Aig diofar amannan bha trì ginealaich de a theaghlach a’ fuireach ann mar chìobairean. An-diugh, chan eil duine ann agus tha pàirt den fhearann fo locha às dèidh do na h-ùghdarrasan dàm a chur faisg air làimh airson dealan a chruthachadh.
Tha Ruairidh MacLeòid, a tha air iomadh bliadhna a chur seachad ri obair chaorach san sgìre, ag innse do Sheumas mu na duilgheadsan 's na buannachdan a bh' ann a bhith ag obrachadh chaorach ann an Airmsiadar agus làrach seann bhaile eile a tha faisg air làimh, Holm. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More