Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,220 playable programmes from the BBC

Fred MacAmhlaigh

2/5 Foghlam is Falbh

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

B' e sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, nas cudromaiche buileach, Uibhisteach a bh' ann a Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich à Solas.

Anns a' bhliadhna 2000 rinn Fred 's am fear-naidheachd Dòmhnall Moireasdan, sreath phrògraman còmhla a' còmhradh mu na bh' aig cridhe beatha Fred eadar teaghlach, cànan agus craoladh. A thuilleadh air sin fhuair sinn cuid de a bhàrdachd a tha a' toirt sealladh air a bheatha fhèin agus air a bheachd air cor na Gàidhealtachd agus cor an t-saoghail.

A seo 's ann air a theaghlach a bha cho gràdhach aige, a làithean sgoile an Uibhist agus air buaidh a' chogaidh air a bheatha a tha iad a-mach. Cluinnidh sinn cuideachd a bhàrdachd 'Freumhaichean', 'Còmh-Thràth Mo Bheatha', 'Dòmhnall Bàn' agus 'Mòr-Anna'. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More