B' e sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, nas cudromaiche buileach, Uibhisteach a bh' ann a Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich à Solas.
Anns a' bhliadhna 2000 rinn Fred 's am fear-naidheachd Dòmhnall Moireasdan, sreath phrògraman còmhla a' còmhradh mu na bh' aig cridhe beatha Fred eadar teaghlach, cànan agus craoladh. A thuilleadh air sin fhuair sinn cuid de a bhàrdachd a tha a' toirt sealladh air a bheatha fhèin agus air a bheachd air cor na Gàidhealtachd agus cor an t-saoghail.
A seo 's ann air a shinnsireachd agus eachdraidh sgìre Sholais a tha iad a' coimhead. Cluinnidh sinn a bhàrdachd 'Seonaidh Aonghais Bhàin', 'Uilleam a’ Mhiseanaraidh' agus 'Tilleadh' bhuaithe. Show less