Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,833 playable programmes from the BBC

Sruth an Eòlais

Caismeachd

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

‘S e Josh Dickson, a tha an-diugh na ollamh agus os cionn Ceòl Traidiseanta aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba, a tha a’ beachdachadh air pìobaireachd Uibhist a Deas. Tha faisg air deich bliadhna fichead bho thàinig e a dh’Alba à Alaska airson ceum a dhèanamh ann an Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain agus a lean e air a' dèanamh PhD air pìobaireachd Uibhist a Deas.

'S iad na pìobairean air a bheil e' toirt sùil Seonaidh Dòmhnallach, Seonaidh Roidein à Dalabrog a bha na phìobaire sna Camshronaich sa Chiad Chogadh; P/M Niall MacIllFhinnein; Calum Peutan, Calum Eàirdsidh Choinnich, à Staoinibrig air an fheadan; Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir à Snaoiseabhal a' canntaireachd; Ruaraidh Dòmhnallach, Ruaraidh Roidein à Dalabrog; Alasdair Boidhd às an Iochdair a bha cuideachd sna Camshronaich; Aonghas Caimbeul, Aonghas 'acNèill Chatrìona à Frobost agus Uilleam Moireasdan à Loch Aineort.

A thuilleadh orrasan cluinnidh sinn cuideachd naidheachd mu phìobairean ainmeil Smeircleit. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More