Tha hocaidh-deighe agus Canada dlùth cheangailte. Am measg nan geamaichean as cudromaiche nan eachdraidh, bha sreath gheamaichean a chaidh a chluich an teis-meadhan a' Chogaidh Fhuair ann an 1972 ris an canar an Summit Series, geamaichean a chuir na cluicheadairean a b’ fhèarr aig Canada an aghaidh sàr chluicheadairean An Aonaidh Shoibhietich.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' bruidhinn ri Rob Dunbar, a bha na ghille òg ann an Toronto aig an àm, 's a' faighinn a-mach dè na cuimhneachain a th’ aige air na geamaichean agus carson a tha iad fhathast cho cudromach dha?
Tha Goiridh Dòmhnallach à Ceap Breatainn ag innse mu ghèam eile an aghaidh an Aonaidh Shoibhietich, an turas sa mar a choinnich na sgiobaidhean aig Geamaichean Oilimpigeach Sarajevo ann an ’84. Show less