Farpais goilf eadar an Roinn Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte. Gu sìmplidh sin a th’ anns an Ryder Cup. Gach dàrna bliadhna thèid na cluicheadairean as fhèarr bho gach taobh an taghadh is cluichidh iad thairis air trì là, Dihaoine gu Là na Sàbaid ann an aon de na farpaisean as tarraingiche ann an spòrs.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' bruidhinn ri dithis a tha air a bhith aig iomadh Cupa Ryder. Am measg ochd farpaisean aig an robh Tom MacIllFhinnein, 's e Medina ann an 2012 as mòtha a chòrd ris. Innsidh Tom mu na cuimhneachain a th’ aige bho ‘mhìorbhail Mhedina’. Agus cluinnidh sinn mu fharpais 2014 ann an Gleann Eagais bho Aonghas MacCumhais. Show less