Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,831 playable programmes from the BBC

Sruth an Eòlais

Dè th' ann an ainm?

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

Bha Iain Friseal ag obàir a' sgrudadh ainmean-àite na h-Alba do Sgoil Eòlais na h-Alba agus a seo tha e a' toirt dhuinn blasad beag de na chruinnich e. Mar a tha e ag innse dhuinn, bha daoine na b' eòlaiche air ainmean-àite na tha iad an-diugh, nuair a bha iad a' coiseachd na tìre, 's iad a' buachailleachd, ag obair air fearann agus ag iasgach.

Tha e tòiseachadh ann an Gleann Eilg agus Iain MacAsgaill à Scalasaig sa Ghleann Mhòr le sgeulachd mu bhalach a bha a' goid a choirce agus a chaidh a ghlacadh leis a' mhuilleir. Tha tèile aige bho Sheumas Mac na Clèirich à Dùthaich Chinn t-Sàile mu Fhearchar Mac Iain Òig.

Ann am Bun Dà Loch tha Dòmhnall Macrath ag innse mar a fhuair Allt Camus a’ Choirce an t-ainm agus ann am Beinn na Fadhla tha Dòmhnall Ailig MacEachen ag innse mu àitichean co-cheangailte ri Alasdair Mòr Mac Iain Làidir.

Tha Tormod Dòmhnallach am Beàrnaraigh Leòdhais ag innse mu eachdraidh Eaglais an Tòbha agus mu sgeulachd iongantach Ghleann Fhuiligeo.

Am Malaig tha Aonghas MacIllFhaolain le naidheachd mu thaigh-seinnse bha air taobh Loch Nibheis le fear air a robh MacCeallaig. Tha e cuideachd ag aithris 'Òran a rinn a' Frisealach' mu Mhorair Lòbhat agus e cuideachd a' gabhail Altachadh Dail na Cabaig.

An Eilean Dhiùra tha Tormod Dòmhnallach agus Iain Seathach le iomradh air mar a fhuair Tobair Chaluim Chille ainm agus mu bhana-bhuidseach san eilean, Cailleach Dhaimhsgeir agus mu àite air a bheil Sgrìob na Caillich. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More