Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,767 playable programmes from the BBC

Ailig aig na Euros

Ailig O'Henley: Ag aithris air spòrs

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Tha sinn cleachdte gu leòr air radio agus telebhisean a bhith a’ cluinntinn agus a’ faicinn an neach-aithris spòrs Ailig O’Henley, neach-naidheachd Albannach aig UEFA agus neach-aithris aig BBC Alba agus BBC Radio nan Gàidheal agus gun dad fa-near dha ach ball-coise. Tha iomadach bliadhna bhon a ghabh Ailig ùidh ann am ball-coise. Na bhalachan òg aig toiseach na 70an bhiodh e fhèin sa charaidean tric rim faicinn a’ frithealadh gheamannan ball-coise aig Cairiseabhal, faisg air a dhachaigh ann an Uibhist a Deas, agus iad a’ leantainn sgioba a Chinn a Deas. Cha b’ fhada gus an robh e fhèin na bhall dhen dearbh sgioba agus e na dheugaire ann an Sgoil Dhalabroig. Leis na sgilean a bh’ aige air a phàirce fhuair e cothroman cluiche ann an sgiobaidhean ann an Uibhist, Leòdhas, Inbhir Nis agus Glaschu agus theab e aig aon àm a’ dhol a chluiche aig ìre phroifeasanta.

Thuige seo tha sinn air cluinntinn mu na comasan agus na sgilean a th’ aig, neo a bh’ aig, Ailig O’Henley air pàirce a’ bhuill-coise ach tha e a cheart cho innealachdach ag aithris air an spòrs 's a tha e air a bhith ga chluich agus e air a bhith ris an obair seo airson còrr air deich bliadhna fichead. Cluinnidh sinn mar a thòisich e ag aithris air cuspairean spòrs mar neach-naidheachd aig Radio nan Gàidheal suas chun a’ chothrom a fhuair e a dhol a dh’obair mar neach-naidheachd Albannach aig UEFA.com. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More