Às dèidh do chlann Eighrig NicLeòid, Eighrig Dònaidh à Bràgar bho Thuath a Leòdhas an taigh fhàgail bha Eighrig deiseil airson dùbhlan ùr. Bha i air bliadhnaichean a chur seachad ann an Alba Nuadh agus bha i a-nis air obair fhaighinn ann am fìor cheann a tuath Chanada.
B‘ ann gu obair ann an sgoil ann am baile Tuktoyaktuk anns an Talamh Fhuar a chaidh i. Bha aice ri fàs cleachdte ri dòigh-beatha gu tur eadar-dhealaichte. Bha fuachd ann nach robh i air fhaireachdainn roimhe, bha aodach air a dhèanamh le bian ri fhaighinn, bha aice ri biadh òrdanachadh uair sa bhliadhna agus bha cleachdaidhean nan Inuit annasach dhi. Ach bha Eighrig deiseil airson gach dùbhlan. Fhuair i cothroman falbh air losg’-choin, dh’ ionnsaich i mar a thogadh i igloo agus mu na cleachdaidhean seilge a bha aig muinntir an àite.
‘S iomadh sgeulachd bhon Talamh Fhuar a th' aig Eighrig ri innse do Ghilleasbuig MacDhòmhnaill. Show less