Tha Èirigh a' meòrachadh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig atharrachadh na gnàth-shìde air an àrainnneachd air eilean beag an Alba agus air beatha aon duine agus e a' feuchainn ri diofar a dhèanamh agus ri theaghlach a shàbhaladh 's a' muir ag èirigh. Tha mòran de na cuspairean as trice air am bi Màrtainn O' Connor a' togail na obair a' nochdadh san dealbh-chluich seo - fireanntas, creideamh, còmhradh aona ghuth agus comadaidh.
An duine - Daibhidh Walker
Stiùiriche - Muireann Kelly
Dealbhaiche Fuaim agus Deasachadh - Matt Padden
Ceòl - Pàdruig Moireasdan
Comhairlichean Dràma - Lynda Radley agus Iain Fionnlagh MacLeòid
Riochdaire sa stiùidio - Catrìona Mhoireach
Fuaim sa stiùidio - Sara Mattinson
Co-òrdanaiche a’ phròiseict - Rhona NicDhùghaill
Riochdaire - Annella Nicleòid
Coimisinear - Calum McConnell
'S e cleasaiche agus bàrd a th' ann a Màrtainn O' Connor à Glaschu. Mar as trice 's iad verbatim agus sgrìobhadh mu dhaoine, còmhradh agus bruidhinn na raointean anns am bi e ag obair, a' coimhead ri guth agus fèin-aithne na h-Alba. An-dràsta tha e na sgrìobhaiche aig Theatre Nàiseanta na h-Alba. Tha e ag ionnsachadh na Gàidhlig agus seo a' chiad dealbh-chluich aige sa chànan.
Chaidh ‘Rudeigin Ri Ràdh’ a choimiseanadh le Theatre Gu Leòr le taic bho Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gàidhlig, ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal. Bhuannaich e duais na h-Ealain agus a' Chultur aig Duaisean na Gàidhlig am-bliadhna. Show less