Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,607 playable programmes from the BBC

Rudeigin ri Ràdh

Dràma - Rùintean Màiri Iain Mhòr le Màrtainn Mac an t-Saoir

Duration: 11 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Ged a chuir Covid-19 an saoghal aig a h-uile duin' againn bun-os-cionn dhar fàgail an-fhoiseil 's mì shuaimhneach, tha sinn air feuchainn ri sinn fhìn a chumail air dòigh le bhith coimhead air adhart ri nuair a bhios e seachad. Ach de a' bhuaidh a bh' aig a' ghlasadh a thàinig oirnn air na mairbh? 'S e dealbh-chluich mu dhòchas, mu chall 's mu ghaol a tha seo, stèidhicht' sna h-Eileanan an Iar le ceòl a tha a' toirt Uibhist - agus na mairbh! - beò dhuinn.

Màiri Iain Mhòir - Màiri Nic’IlleMhoire
Fionnlagh - Calum Dòmhnallach

Stiùiriche - Muireann Kelly
Dealbhaiche Fuaim agus Deasachadh - Matt Padden
Ceòl - Pàdruig Moireasdan
Clàrsach - Malachy Arnold

Comhairlaichean dràma - Lynda Radley agus Iain Fionnlagh MacLeòid
Riochdaire sa stiùidio - Catrìona Mhoireach
Fuaim sa stiùidio - Sara Mattinson
Co-òrdanaiche a’ phròiseict - Rhona NicDhùghaill
Riochdaire - Annella Nicleòid
Coimiseanair - Calum McConnell

Tha Màrtainn Mac an t-Saoir air cliù agus iomadach duais a chosnadh thairis air na fichead bliadhna a tha e air a bhith sgrìobhadh ficsean agus bàrdachd. Tha e air naoi leabhraichean fhoillseachadh agus air ainm a dhèanamh dha fhèin mar sheanachaidh, gach cuid ann an Gìàidhlig agus am Beurla. 'S e saoghal annasach a' ghlasadh-sluaigh a ghluais e gu Rùintean Màiri Iain Mhòir, a' chiad dràma aige airson radio, a sgrìobhadh.

Chaidh ‘Rudeigin Ri Ràdh’ a choimiseanadh le Theatre Gu Leòr le taic bho Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gàidhlig, ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal. Bhuannaich e duais na h-Ealain agus a' Chultur aig Duaisean na Gàidhlig am-bliadhna. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More