Chuir e fir Uibhist gu dannsa, thug e ceòl na clàrsaich gu muinntir Bharraigh agus rinn e sgeidseachan de na h-Eirisgich an àite gath a chur unnta - cuid de na rudan a rinn Mgr Calum MacNèill a bharrachd air a bhith na shagart sna paraistean sin.
Ann an 2003 nuair a bha Angela NicFhionghuin an sàs ann am pròiseact a’ comharrachadh ceud bliadhna de dh‘ Eaglais Èirisgeidh thadhail i ann an Onich airson agallamh mun eaglais a chlàradh còmhla ri Mgr Calum MacNèill neo an Canan Calum MacNèill. Seach gun robh i air an turas a dhèanamh ghabh i an cothrom clàradh nas fhaide a dhèanamh cuide ri Mgr Calum a' là sin mu bheatha agus tha i taingeil gun do rinn i sin oir bhàsaich Mgr Calum air an latha mu dheireadh den bhliadhna sin.
Anns a' phrògram seo cluinnidh sibh an còmhradh a bh’ aca far a bheil Mgr Calum a’ cuimhneachadh air cuid de na paraistean air a robh e a’ frithealadh nuair a bha e na shagart. Cluinnidh sinn cuideachd mu na comasan eile a bh’ aige a bharrachd air a bhith a’ searmonachadh. Show less