Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,767 playable programmes from the BBC

Buachaillean a’ Bhìobaill

Sgeulachdan luchd-eaglais às an tasglann

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

B‘ ann à Uibhist a Tuath a bha Mgr Dòmhnallach. Bha ceanglaichean aige cuideachd ri Beàrnaraigh na Hearadh agus chuir e seachad iomadach bliadhna de bheatha, na òige agus sa mhinistrealachd, ann an Eilean Leòdhais.

A bharrachd air a bhith na mhinistear air coitheanalan Eaglais Chaluim Chille ann an Steòrnabhagh agus an Eaglais na Paraiste ann an sgìre nan Innis ann a Siorrachd Obar Dheathain, bha Mgr Dòmhnallach cuideachd aithnichte mar bhàrd. Chaidh urram Bàrd a‘ Chomainn a bhuileachadh air aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 1977. Bha e cuideachd na sgrìobhaiche agus na eadar-theangadair 's thug e mach grunn leabhraichean leithid Leth-cheud Bliadhna, Tràoghadh is Lìonadh, Laoidhean Molaidh, Seinn an Duan Seo agus rinn e eadar-theangachadh air ceud òran le Raibeart Burns. Bhiodh e cuideachd a‘ sgrìobhadh airson Na Duilleagan Gàidhlig ann an iris na h-eaglaise agus bidh cuimhne agaibh cuideachd air a‘ cholbh 'Ruairidh Eile' ann an Gasaet Steòrnabhaigh.

A seo cluinnidh sinn an còmhradh a bh‘ aige ri Mairead NicIllinnein ann an 1990 agus tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek cuideachd a’ cuimhneachadh air Mgr Dòmhnallach agus ag innse mun eòlas a chuir e air fhèin agus air a bhardachd. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More